Tha Mo Ghaol Air Àird A’ Chuain by Julie Fowlis, Kris Drever & Iain MacDonald

I’ve been wanting to learn this song for a while and I found a great website with links to Gàidhlig pronunciations. I’m linking them a piece at a time so that I can start attempting the song! It’s beautiful and I encourage everyone to listen.

Feasgar ciùin an tùs a’ Chèitein
Nuair bha ‘n ialtag anns na speuran
Chualaim rìbhinn òg ‘s i deurach
‘Seinn fo sgàil nan geugan uain’
Bha a’ ghrian ‘sa chuan gu sìoladh
‘S reult cha d’ èirich anns an iarmailt
Nuair a sheinn an òigh gu cianail
“Tha mo ghaol air àird a’ chuain”
Thòisich dealt na h-oidhch’ ri tùirling
‘S lùb am braon gu caoin na flùrain
Shèid a’ ghaoth ‘na h-oiteig chùbhraidh
Beatha ‘s ùrachd do gach cluan
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos
‘S bha an t-sèisd seo ‘g èirigh ‘n còmhnaidh
“Tha mo ghaol air àird a’ chuain”
Chiar an latha is dheàrrs’ na reultan
Sheòl an rè measg neul nan speuran
Shuidh an òigh, bha ‘bròn ‘ga lèireadh
‘S cha robh dèigh air tàmh no suain
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean
Sheinn mu ‘gaol air chuan ‘bha seòladh
O bu bhinn a caoidhrean brònach
“Tha mo ghaol air àird a’ chuain”
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul
‘S i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh
“Dìon mo ghràdh ‘th’ air àird a’ chuain”
Bha a cridh’ le gaol gu sgàineadh
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
“Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt
Thill mi slàn bhàrr àird a’ chuain”
Advertisements

About Danielle Oldfield

Blogger, feminist, higher education professional.

Trackbacks / Pingbacks

  1. NaCreSoMo Day 2: Why do I have two pages? | Hi, I'm Zӧe - March 11, 2015

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s

%d bloggers like this: